Tapadh leibhse, Oifigeir-riaghlaidh.
Tha mi gu math toilichte pàirt a ghabhail anns an deasbad seo air leasachadh na Gàidhlig agus meal-a-naidheachd a thoirt gu Alasdair MacAilein a thug an deasbad seo don Phàrlamaid.
Tha tòrr Gàidhlig agam, ach chan eil mi fhathast fileanta no misneachail. Is e an t-àite far a bheil mi a' tuiteam nach eil mòran cothrom agam Gàidhlig a chleachdadh agus, mar sin, tha mi ga call. Ged a tha mi a' gluasad air adhart agus air ais a-rithist, tha mi fhathast fada nas fheàrr na bha mi o chionn 35 bliadhna nuair a thòisich mi ag ionnsachadh.
Tha mi a' creidsinn gu bheil an rud a tha a' cur stad air an neach-ionnsachaidh aig nach eil mòran ùine an dearbh dìth ùine sin agus dìth chothroman an cànan a chleachdadh ann an coimhearsnachd nàdarra.
Rugadh mi ann an Inbhir Losaidh, ann an teaghlach aig nach robh Gàidhlig, ged a thuirt m' athair gun do bhruidhinn a sheanmhair Gàidhlig ann an Inbhir Losaidh mun bhliadhna 1900. Cha robh cuimhne aige air mòran ach abairt a chleachdadh i a bha caran coltach ri "Càite a bheil mo phìob clay?"
Mar sin, tha e a' coimhead gun robh an t-sinn-seanmhair agam a bhiodh a' bruidhinn Gàidhlig agus a' smocadh pìob dìreach trì ginealaichean air falbh bhuamsa. Leis an sin, tha Gàidhlig, tha mi cinnteach, nam fhuil, anns an aon dòigh ‘s a tha i anns an fhuil aig mòran daoine eile gun fhios dhaibh.
Ghluais mi gu Steòrnabhagh ann an 1973 agus bha mi an dùil Gàidhlig ionnsachadh. Mar sin, chaidh mi don leabharlann airson leabhar fhaighinn air iasad leis an ainm "Teach Yourself Gàidhlig". Bha droch ghàire aig neach-cuideachaidh an leabharlainn a thuirt "Seo fear eile", agus cha robh i misneachail idir. Gus an fhìrinn innse, bha droch bhlas agam agus mi a' feuchainn ri Gàidhlig ionnsachadh ann an Steòrnabhagh anns na 1970an. Bha tòrr anns a' bhaile gun Ghàidhlig agus cha robh an fheadhainn aig an robh Gàidhlig ag iarraidh a bhith a' bruidhinn a' chànain. B' e cànan na "Maus", no muinntir na dùthcha, a bha innte agus cha b' urrainn dhut a bruidhinn nan robh thu ag iarraidh àrdachadh sam bith. Neo ‘s e sin am beachd a bha ann co-dhiù. Bha iad buailteach a bhith a' magadh orm ged a bhiodh duine no dhà sònraichte nach do rinn sin. Tha mi toilichte a ràdh gu bheil beachdan tòrr nas fheàrr ann a-nis a thaobh na Gàidhlig, ged a tha mòran fhathast an aghaidh rud sam bith Gàidhealach.
Dh' fhàg mi Leòdhas ann an 1983 le cuid mhath de Ghàidhlig, ach fhathast fada bho fhileantachd. Air ais air an tìr-mòr, ann an Inbhir Nis, lean mi air adhart leis na clasaichean oidhche agus seachdain an-siud is an-seo aig Sabhal Mòr Ostaig, gus an d' fhuair mi àrd ìre Gàidhlig ann an 1994, ach cha do rinn mi mòran airson 10 bliadhna às dèidh sin.
Cha robh e gus an deach a' bhan-ogha agam, Yasmin, don chròileagan, agus an uair sin don aonad Gàidhlig aig Bun-sgoil a' Mheadhain ann an Inbhir Nis, a thòisich mi a-rithist leis a' chursa comais làn-thìde aig Colaiste Inbhir Nis nuair a leig mi às mo dhreuchd ann an 2002.
Bha sin fìor mhath a chionn ‘s gum b' e sin a' chiad uair a bha an tìde agam airson cùrsa-bogaidh làn-thìde a dhèanamh. Agus is e seo, tha mi cinnteach, an dòigh gus adhartas mòr a dhèanamh. A-nis tha mi air feuchainn ris na cùrsaichean "Gàidhlig san dachaigh" agus "Ulpan" a dhèanamh agus tha an dithis dhiubh glè mhath agus tòrr nas fheàrr na an dòigh traidiseanta.
Rinn mo nighean an cùrsa comais cuideachd gus a bhith a' cuideachadh Yasmin leis an obair dhachaigh aice agus tha i a-nis ag obrachadh mar neach-cuideachaidh san sgoil ùr Gàidhlig ann an Inbhir Nis.
Tha mi cuideachd toilichte gum biodh clann na nighinne eile agam, Ella agus Jude, a' dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus gu bheil sinne a' dèanamh pàirt beag airson Gàidhlig san àm ri teachd, agus tha mi an dòchas gum biodh an granaidh à Inbhir Losaidh a bhiodh a' smocadh na pìoba toilichte leis a sin.
Ma tha sinn airson Gàidhlig a shàbhaladh, feumaidh sinn fhathast foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a leudachadh, agus tha mi gu math toilichte gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd dìreach air aontachadh sgoiltean Gàidhlig eile a thogail ann am Port Rìgh agus sa Ghearasdan.
Feumaidh sinn na cùrsaichean "Gàidhlig san dachaigh" agus "Ulpan" a leasachadh mar dhòighean ionnsachaidh, còmhla ri bogadh làn-thìde, airson luchd-ionnsachaidh gus am bi iad ag ionnsachadh ann an ùine tòrr nas giorra na na 35 bliadhnaichean a bha agamsa.