Tha mise, mar a tha a h-uile duine eile, gu math toilichte agus pròiseil a bhith a' gabhail pàirt anns an deasbad a-nochd. Tha mi airson taing a thoirt do mo charaid Alasdair MacAilein airson an deasbad a thoirt air beulaibh na Pàrlamaid.
Anns a' chiad àite, tha mi airson taing a thoirt dha na coimhearsnachdan sgìreil agus na buidhnean poblach a tha ag obair anns na h-àiteachan sin, bhon a rinn iadsan adhartas mòr airson a' chànan is a' chultar. Feumaidh sinn a bhith taingeil gun do thachair sin. Tha mi airson taing cuideachd a thoirt gu Pàrlamaid na h-Alba—a' Phàrlamaid againn fhìn—a stèidhich Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 air creig chruaidh. Tha mi a' dèanamh dheth gun do rinn an achd sin tòrr feum airson inbhe na Gàidhlig agus gum bi sin againn airson iomadach bliadhna. Tha mi toilichte gu bheil sinn, mar a thuirt Alasdair MacAilein, leis na casan againn air talamh gu math làidir.
Tha mòran de na comhairlean agus na buidhnean poblach a chuir an ainm ris an achd a-nis ag obair gu math cruaidh agus gu math dripeil airson an cànan a bhrosnachadh anns na sgìrean aca fhèin. Gu dearbh, tha mòran dhiubh an dèidh na planaichean aca airson Gàidhlig a chur air beulaibh na Pàrlamaid agus air beulaibh na buidhne ùire, Bòrd na Gàidhlig. Tha sin a' toirt inbhe ùr dhan Ghàidhlig agus brosnachadh is cuideachadh nach robh ann bho chionn iomadach bliadhna.
Chunnaic sinn an-diugh mar a tha Pàrlamaid na h-Alba, an seo ann an Dùn Èideann, prìomh bhaile na h-Alba, ag obair airson brosnachadh is cuideachadh a thoirt dhan Ghàidhlig. Chaidh plana ùr còig bliadhna a thoirt a-staigh le buidheann chorporra na Pàrlamaid. Chaidh sin a chur air beulaibh an t-sluaigh an-diugh agus thàinig mòran a-staigh airson sin a chur air bhog. Rud a thug toileachas mòr dhomh, b' e a bhith a' faicinn Rody Gorman, bàrd ainmeil à Èirinn, is e a' toirt an t-eadar-theangachadh a rinn e air pìos bàrdachd aig Edwin Morgan "Open the doors!", a sgrìobh e airson fosgladh na Pàrlamaid o chionn naoi no 10 bliadhna air ais. Mar a thuirt sinn an-diugh, bha sinn toilichte gun do thachair sin agus gun deach na dorsan fhosgladh aig an àm sin airson an cultar is an cànan a thoirt a-staigh agus a sgaoileadh a-mach tro Alba air fad. Bha sinn gu math pròiseil an seo anns a' Phàrlamaid an-diugh.
Dh'fhairich sinn gu bheil Bòrd na Gàidhlig a' dèanamh obair mhòr. Tha sianal ùr Gàidhlig againn air telebhisean, a-nis an dèidh iomadach bliadhna de strì agus stramash mu dheidhinn. Tha sin againn an-diugh ach tha duilgheadas againn nach eil sin a' ruigeil a-mach dhan a h-uile pàirt den Ghàidhealtachd, ach thig sin ge-tà. Dh'fhairich sinn mu dheidhinn an inneil Freeview gum bu chòir gur ann, cho fada ‘s a tha sin aig daoine, gum faigh iad na prògraman Gàidhlig a tha a' dol a-mach.
A-nochd, tha fios againn gu bheil deasbad gu bhith eadar na sgoiltean às a' Ghàidhealtachd a thàinig sìos gu Dùn Èideann an-dè. Leis an deasbad sin a' tachairt anns a' Phàrlamaid a-nochd, bidh Gàidhlig a-rithist air beulaibh an t-sluaigh. Tha sin a' dèanamh mòran airson Gàidhlig a bhrosnachadh is a chuideachadh is a sgaoileadh a-mach air feadh Alba air fad.
Tha mi làn chinnteach nuair a thig an cunntas-sluaigh air ais ann am beagan bhliadhnachan gum bi, mar a bha Alasdair MacAilein ag iarraidh, àireamhan luchd-bruidhinn na Gàidhlig—agus àireamhan nan daoine a tha a' cumail a' chultair is a' chànain beò—a' sìor-dhol suas. Tha mi an dòchas gum bi sin a' tachairt, agus tha mi làn chinnteach gum bi. Mòran taing.